An trusgan rìomhach òr-mhaiseach mu bheil Ach thus', O Bhan-righ! aom do chluas, a's éisd, Tigh t'athar dioch'naich 's tìr do dhùchais tréig, 'S gach cusbair roimhe choisinneadh do luaidh, 'S do mhiann gu léir biodh air-san, Treun nam buadh. Le d' bhuaidhibh àraidh 's ni e tala' d' dhàimh 'S gu caidreach leis thu glaisear 'na dha laimh; Gu'n cuirear leis thu 'm mòrachd faisg dha féin; Ach thus' do d' Dhia thoir urram gloir a's géill. Thig Ban-righ Thiruis féin o 'h-àite taimh Le millte tiodhlac 'steach do d' theampull àigh; 'S na daoine saibhir anns gach àit' fo 'n ghréin Gun iarr do ghràs 's do dheadh ghean àghmhor féin. Feuch! Nigh'n an Righ, an éididh riomhaich, ghrinn, Do chéile, Ard Righ, miann a's gràdh do chridh, 'S a falluinn òr-mhaisicht', gu bòidheach, dlùth, 'S a h-aodunn-dhreach ni 's taitniche do 'n t-sùil; Am buaidhean àigh a cridh' cia àrd gu léir, Far bheil a' tàmh gach beus a's gràs is fearr. O feuch a Righ! do chéile rìomhach, gràidh, A' teachd a'd' ionnsuidh 'n deise bhainns' le h-àgh, 'An obair ghréis is fearr 's is finealt' fiamh Le leugaibh soillseach boisgeil mar a' ghrian, 'Measg mhaighdean' àillidh feuch a Bhan-righ chiùin A' falbh gu ciatach, miaghar do gach sùil, 'S a buaidhean taitneach, 's fiamh ro-thlachdmhor grinn, A's rìomhadh àillidh 'g inns' gur Ban-righ i. Mar so, 's i cuartaichte le sluagh ro mhòr, An staid ro ghreadhnach bheirear leo i 'd' chòir, 'S i féin 's a maighdeanna an aoibhneas gràidh Gun dòirt a steach do d' theampull feart'or àigh; Ach thus' Bhan-righ! cuir air cùl gach bròn, A's t'aithrich' aosda na bi 'caoidh ni's mò; 'N an àite sin dhuit féin bidh sliochd nach gann, Mic 's nigh'nean aghmhor bhios gu bràth neo-f hann ; 'S a bhios le 'm mòrachd àrd 'an glòir 's an cliù, Ach bhios ni 's àird' a'm maitheas gràsmhor 's fiù; 'Sa riaghlas thairis air an talamh mhòr, 'S do 'm bi a chaoidh, o linn gu linn, mòr ghlòir. Ach 's tus', O Ard-righ! cùis mo dhàin 's mo chiùil, 'S do dhùthchaibh céin gu'n cuir mi'n céill do chliù. Am feadh a ghluaiseas neoil mu chuairt nam beann, 'S aig àm na h-oidhich' bhios reulta 'soillseach ann ; 'M feadh bhios a' ghrian a' fiamhachadh an lò, Do gloir 's do chliù cha searg 's cha mhùth ni 's mò. ECHO'S ANSWER. I stood by the banks of a swift flowing river, Flow on in thy course, rapid stream of the valley, My heart shall rejoice in the wild scenes of nature, Then where, I exclaimed, is there hope for the mourner— A balm for his sorrow-a smile for his grief? If beautiful scenes like the present shall vanish Where, where shall we look for a certain relief? Oh! fly said my soul to the feet of thy Saviour, Believe in his mercy, for pardon now pray: With him there is fulness of joy and salvationThy gladness shall live, and shall never decay, The Echo said sweetly, "Shall never decay!" THE FIELD FLOWERS. Ye field flowers! the gardens eclipse you, 'tis true, For ye waft me to summers of old, When the earth teem'd around me with fairy delight, I love you for lulling me back into dreams FREAGRADH MHIC-TALLA Air bruaich aibhne 's mi'm sheasamh ag amharc gu beachdail Air a glan shruthaibh còbh'rach 'ruith seachad gu cas, Air leamsa gu 'n robh i a' sìor chur an céill domh Gach sonas air thalamh nach mair ach car seal. 66 "O! innis domh " thuirt mi. "a bhras shruth a' ghleannain, A'd' chùrsa tha 'giùlan nam fuar-uisge gorm, 'N teid gach sonas san t-saoghal mar so as an t-sealladh ? Gach faireachduinn ghràidh 'n teid an gearradh air falbh ? Thuirt Mactalla 'se 'freagairt," An gearradh air falbh.” Gabh air t' aghart a' t' amar, a bhras shruth a' ghleannain, O'n tha sòlasan talmhaidh cho grad ri 'n toirt suas; Ach mo chridhe bidh ait 'gabhail seallaidh air nàdur, 'S am beannachdan cairdeis, o'n 's leam iad san uair. 'M feum gach nì a ni milis ar beò-shlaint dol seachad ? A's beannachdan cairdeis am mair ach car uair? Gach toil-inntinn aon-f hillt' ann an nàdur 'na cheud fhàs, A's subhachais inntinn, 'n teid gu grad an toirt uainn? Thuirt Mactalla 's e 'freagairt," Gu grad an toirt uainn." "C'àite nis a deir mise," bheil dòchas 'n fhir-thùrsa? C'à' bheil iocshlaint d'a thrioblaid a's saorsa o 'chall? Ma theid seallaidhnean àluinn mar so as an fhradharc, Ri fuasgladh bhios mairionn c'àit' idir an seall ? 66 O! teich-sa," deir m' anam gu casan do Shlàn'ir, Dean maitheanas asluchadh, 's creid ann a ghràdh ; Oir annsan tha slàint' agus lànachd gun traoghadh, A's t'aoibhneas bidh mairionn 's cha teirig gu bràth; Thuirt Mactalla gu milis-" Cha teirig gu bràth." BLAITHEAN AN RAOIN. A bhlàithean an raoin! ged 's àillidh 'nan sgeimh Tha sibh 'g aiseag dhomh samhraidhean m' òig', Is toigh leam sibh 'chionn a bhi 'tarruing a'm' chuimhn', Far am faicinn am fiadh astar cian uam sa' ghréin, Not a pastoral song has a pleasanter tune Where I thought it delightful your beauties to find, Even now what affections the violet awakes; What landscapes I read in the primrose's looks, Earth's cultureless buds, to my heart ye were dear, Had scathed my existence's bloom; Once I welcome you more, in life's passionless stage, DUART CASTLE. The following Poem was composed by the Rev. Dr. John M'Leod of Morven, on seeing a flag waving from the battlements of Duart Castle on a Sabbath morning, intimating to the surrounding peasantry that a sermon was to be preached on that day in the neighbourhood. What is given on the opposite page, is not a literal translation, but it gives the substance of the English. It is by Dr M'Leod of Glasgow, a gentleman to whom the Highlanders are more indebted than to any man living, for his labours in connexion with their native literature. On the war tower of Duart the banner is spread, It calls not the chieftain to gird on his might, It calls not the mother in anguish to mourn Cha 'n 'eil òran na ceol a bheir sòlas do m' chri', Tha sibh 'g innse mu làraichean uain', Far am b'ait leam bhi 'tachairt ruibh 's dearc air 'ur gnùis, 'Nuair a bheachdaich mi iongantais nàduir an tùs, 'S bha 'ur 'n àilleachd-se 'dùsgadh mo smuain. Nach tig blàths ann am chri', 'nuair a chi miʼn t-sail-chuachNach iomad seimh-lochan fior-uisg' le'n innseagan uain', Thig a'm' chuimhne, 'sna duileagaibh bàit'; Nach iomad sealladh is leur dhomh san t-sobhrach 's glan snuadh Nach iomad allt briceineach, bulbhagach, luath, 'Sa' pheasair-luchag mu'm bruachaibh a' fas! Fhiadh-bhlàithean nan raon! bha sibh ionmhuinn 'sna làith, CAISTEAL DHUAIRT. Air do bhallachaibh aosda a Dhuairt nan saoi, Tha m'anam a' lasadh le aiteas, 's le faoilt, Cha sanus a dhùsgadh na dùthcha gu blàr, Fàilt air a' bhrataich,-O 's taitneach an sgeul! |