Imagens das páginas
PDF
ePub

Fògraidh e 'n oidhche dhuibhreach o gach sùil, A's chi na doill a' Ghrian is boillsgeil iùl ; Grad fhosglaidh fhacal toll na claisneachd suas ; 'So cho-sheirm ciùil thig sòlas ùr do'n chluais. Bidh teang' a' balbhain deas a dhealbh nan rann, 'S mar mhang nan stùchd gu'n leum an crùbach mall. Cha chluinnear éubh na osnaich chràidh ni's inò, 'So ghruaidh gach creutair suathar deur a' bhròin ; An geimhlibh praise glaisear suas am bàs, 'S gheibh prionns' an t-sluichd an lot nach dùin

gu

bruth. Mar bhiathas Aodhair feumail treud nan rùsg 'Sna lòin is fearr tha tâs fo'n bhlath-ghaoith chiùin, Shireas le sùl-bheachd dùrachd na th'air chall, 'S a ghleidheas cach o thriall roi' ràidean càm ; 'N uair bhrùchdas sgàil an dorcha 's e ni'n dion, 'S an taic san là, ged chaochlas àrdan shion ; Thogas na h-uain na ’uchd g’an cumail blàth, Toirt doibh gu caomh nam fann-lus maoth o laimh ; Mar sud ni Ti nan gràs a ghealladh dhuinn Ar dion gu bràth le àithn' is gràsmhor iùl. Cha ghluais na slòigh ni's mò gu comhrag arm; 'S na gaisgich threun cha chath ri chéil' am feirg ; Co-ghair nan trompaid phrais cha chluinnear ann; An t-sleagh no chruaidh cha bhoisg an strì nan lann; Cromar gu speala feòir an gath gun fheum, 'S gu sochd a' chroinn bidh ruinn a' chlaidhimh ghéir. Grad-éiridh aitribh uasal suas 's gach tìr, 'S na thionnsgain athair bheir am mac gu crìch. Sgaoilidh an fhìonain àrd a dosrach gheug Fo iomlan blàth mar sgàil do'n t-sliochd 'na dhéigh : Na lamhan fial a sgap an siol san fhonn, Gu'm buain an t-arbhar sguabach, reachd'or, tròm ; A's chi na buachaillean gach cruaidh dhruim fàis Ur-bhog le feur, 's le liligh 's ceutach bàrr. Le loghnadh éibhinn éisdidh iad ri toirm An uisge 'steallraich feadh nan craim-chreag garbh. Mu nead na nathrach bàis bu chràitich beum, Tha chuilc air chrith, 's an luachair thric na déigh. 'S a' ghleann bha 'fàs fo bhàrr do'n sgitheach dhoirbh Tha 'm bocsa grinn 's an giuthas sniomhain, gorm. An àite chuiseag sheasg, a's luibhean searbh, Ni ’miortal fàs, 's am pailm is àillidh dealbh. Bidh iarmad sgrios a' mhadaidh-allaidh ghairg, 'S na h-uain 'nam measg ag ith' air slios gach leirg : Caillidh an Tiger guineach, ciùrach 'fhearg, 'S an sréin nam fiùr do chloinn cha diùlt e falbh: Ni'n damh 's an leomhann aig acn phrasaich tàmh, 'S bidh naith’r gun bheum ri cois fir-chéilidh tlàth.

Walk in thy light, and in thy temple bend ;
See thy bright altars throng'd with prostrate kings,
And heap'd with products of Sabæan springs !
For thee Idume's spicy forests blow,
And seeds of gold in Ophir's mountains glow.
See heav'n its sparkling portals wide display,
And break upon thee in a flood of day!
No more the rising sun shall gild the morn,
Nor ev’ning Cynthia fill her silver horn,
But lost, dissolved in thy superior rays,
One tide of glory—one unclouded blaze,
O’erflow thy courts : the Light Himself shall shine
Reveal’d, and God's eternal day be thine !
The seas shall waste-the skies in smoke decay,
Rocks fall to dust, and mountains melt away ;
But fix'd his word, his saving pow'r remains,
Thy realm for ever lasts, thy own Messiah reigos.

THE CHURCH.*

“Many a time have they afficted me from my youth, yet they have not

prevailed against me."-Ps. cxxix. 2.

Nor shall they prevail! let them vaunt as they will,
For thy Saviour is great in the midst of thee still ;
And though despots to hate and to hurt thee may dare,
Thou art safe from their malice, but let them beware!

* This excellent Poem was composed by Dr W. M'Gilvray, now of Aberdeen, and appeared in the Scottish Guardian” of 13th March, 1840. In June following, a Gaelic traslation of it appeared in the pages of the “Mountain Visitor,” and in 1845 another translation was given in the “Gaelic Witness.” In order to enable our readers to judge of their respective merits we give them both. The following from the “Gaelic Witness.

Cheart aindeoin a bhòilich, cha soirbhich le d' namh,
Oir is treun e, 'm fear-còmhnaidh tha a'd' mheadhon a' tàmh;
Làn.théaruint tha thusa o fholachd's o fhuath,
Tha agad-sa cùl-taic an latha do chruais.
Air di-chuimhin' na leig-sa na laithean o chian,
'S 'n uair chaisgeadh do nàimhdean, bha aingealta, dian;
Bi seasmhach, bi gramail, oir cunnairt ma th' ann,
Cha dhuit-se fath eagail, ach do d' eascaraid dall.
Ort shaltair an Eiphit gu h-eucoireach, cruaidh ;
Ach dhìol i na fiachan gu léir 's a' Mhuir Ruaidh,
Na cuantan a dh'fhosgail dhuits' cos.cheum gu tràigh,
Bhrùchd-thaom iad le dosgunn, 's gun phlusg feuch do nàmh.

Togaidh an leanaban cìche 'bhéisd o'n lår, 'Si bheithir bhreac a chleachd an ruinn-ghath bàis ; Le gàir thoil-inntinn chi e lìth nan lann, 'S m’an teangaidh ghobhlaich cluichidh an t-Òg gun fheall.

A Bhan-righ SHALEIM! àrdaich gloir do chrùin ! Ar Mòrachd t-uailse tog a suas do shùil! A'd' chùirtibh rioghail seall na mìlte slòigb, 'S na h-àil nach d'thainig, 's àill leo teachd a'd' chòir! Tha linn air linn a' tairys' am breith gun dàil, Gun fhusgais gus am faic iad soills' an là; An sliochd gun chunntas seall tu 'dùsgadh suas, Thoirt modh do'n Ribhinn àigh is killidh snuagh ! Gabh beachd air feachd nan rioghachd fad o laimh, Air ghlùinibh lùbt' ag ùrnuigh 'd' theampull àigh ! 'S na ceudan righ a' tuiteam sios gu dlùth, 'S gu'n diol iad iobairt cheart do Thi nan dùl! Nach seall thu 'n luchd th'air t-altairean gun smal, Do'n spiosraidh phrìseil thig o'n àird-an-Ear! Tha dosraich Edom dhuits' a' seideadh blàth, 'S do dhearg an òir tha sleibhtean Ophir lån. Seall! Geata boisgeil rionnagach nan speur A' fosgladh suas ort! sud a' ghloir nach tréig! 'S a' mhaduinn chiùin ni's mò cha dealraich grian, 'S cha'n éirich gealach shèimh fo sgàil nan nial; Grad bhruchdaidh tuiltean soillse 'nuas o'n àird ; Lan-dealraidh sruth na glòir a'd' chùirt gach trath! Mud' thimchioll dearsáidh àird an t-Soluis Fhéin ; 'S gu saoghal nan saoghal gur leatsa là do Dhé! Ni'n fhairge triall, 's an iarmalt theid 'na smùid ; Gun leagh na sléibhtean as mar chéir roi' 'Ghnùis ; Na creagan siorruidh tuitidh sìos 'nan ùir; Ach seasaidh firinn dhìleas Righ nan dùl! Riaghlaidh tu fein 's Mesiah ’n éibhneas nèamh, 'S air gloir ’ur rioghachd ni'm faicear crioch gu

bràth.

AN EAGL AIS.

“Bu tric a chraidh iad mi o m'oige, gidheadh cha d'thug iad buaidi..."

Salm cxxix. 2.

'S cha bhuadhaich a chaoidh; a dh 'aindeoin an uaill,
Air do thaobhsa tha Josa, ceannard nam buadh:
Ged a dh'éireadh gach nàmhaid, ag iarraidh do sgrios,
Tha thu tearuint' o'n gamhlas—'s ann doibhsan is mius'.

Remember thy struggles-remember thy strength:
What foe ever touched thee and triumphed at length ?
Stand fast then, and fear not, if peril there be,
The peril is theirs who fight against thee.
Proud Pharaoh oppressed thee, and what did he reap ?
A coffinless grave in the heart of the deep !
The sea which fell back to afford thee a path.
Rushed down on the head of that vessel of wrath !
False Canaan oppressed thee ; and what did she gain?
Her fields were made fat with the blood of her slain ;-
While they that escaped from the edge of her sword,
Like Cain were pnrsued by the curse of the Lord !
The Assyrian oppressed thee ; and how did he speed ?
His monarchs were doomed with the cattle to feed,
His land was invaded, his empire cast down,
And the Persian made prize of his kingdom and crown!

Chlaoidh Cànan thu tamull, 'sdha b'aithreach gu'n d'rinn;
Oir thuit e, le 'mhacaibh, fo d' shleagh a's fo d' lainn;
'S a'chuid nach do thuit diubh fo chudthrom do bheum',
Dhian-ruaigeadh gun stad iad fo mhallachd do Dhé.
Rinn Asiria ort fòirneart. 's bu ghòrach sud dha,
Oir spùinneadh d'a ghlòir e, 's d'a mhòr-chuis, chion.fa;
A dhùthaich thur-clireachadh-dheug a mhacnus 's a mhùirn,
'S mar a dhuais ghlac am Persach a bheartas's a chrùn.
Dhian lean thu an t-Iùdhach, an rùn do chur sìos
Ged rugadh e d' chùirtibh, 's ged 's tu thug dha cìoch;
'S nach soilleir 's na truaighibh tha 'g a ruagadh gun tàmh,
Gu 'n d'thug Flaitheanas fuath do ghnìomh uabhair a làmh.
Rinn an Geintileach doilleir,'s àrd sgoileir na Gréig'.
Ort an fhòirneart bu shoilleir' dol an co-bhoinn a chéil';
'S gu h-obunn am mòr-chuis 's an glòir dhealaich uath',
Ged b’inbheach an àirde, toirt bàrr air gach sluagh.
Dh'iadh umad a lìontan haobh strìopach na Ròimh',
A's dhùisg i dhuit mì-run mhòr righrean a's shlògh;
Do thearmunn b'e 'm fàsach 'n àm d'amhghair 's do stri,
() nàimhdeas an dràgoin bha ghnàth air do thi.
A cuinng bhàrr do mbuineil do thilg thu gu làr,
As rùisg thu dhith 'n fhalluing a dh'fholaich a nàir;-
A srannraich na cuireadh ort eagal no fiamh,
Tha a ceann air a bhruthadh, 's a cumhachd air triall.
Mo thruaighe gur fìor e! an tir so an àigh,
Gu 'n d'fhuaireas luchd mi ruin rinn stri riut gun bhàigh;
Rinn gàirdean luchd fòirneirt do leònadh gu cruaidh,-
T'fhuil chraobhach a dhòrtadh, gun sòradh, gun truas.

Cuimhnich thusa do chomhstri, cum cuimhn' air do threòir,
Co'n nàmhaid a bhuail thu's a bhuadhaich fa-dheòidh ?
Bi daingeann gun eagal, oir gàbhadh no bròn,
Thig sin air an cinn-san tha 'g iarraidh do leon.
Lean Pharaoh le 'shluagh thu, ach ciod i a dhuais?
Ann am buillsgein na fairge fhuair iadsan an uaigh;
Sgoilt an cuan air do shon-s' agus sheas air gachlaimh,
Ach mar bhras-bhuinne geamhraidh bhrist sios air do naimh.
Rinn muinntir Chandain do léireadh gu truagh,
Ach dhioghail iad féin air an aimhleas gu luath;
Fo fhaobhar a' chlaidheimh thuit miltean san àr,
'S lean mallachd o Dhia iad, a sheachain am bàs.
Chlaoidh an t-Asirianach thusa gu geur,
Ach thuit an cuid rìghrean gu ithe do'n fheur ;
Thug Cyrus an coroin 's am môrachd an sas,
Le claidheamh a's teine an rìogh'chd chuir e fás.

Feadb gharbhlach an t-sléibhe 's air réidhlein nam beann,
Chaidh t' iomain s do ruagadh gu cruaidh a's gu teann;
'S tric a tharruing thu 'n osnadh 's an t slochd 's anns a' chùil,
S tric bu bhriste do chridhe, 's bu shnidheach do shùil.
Ach, dh'fhiosraich là saors' thu, a's faothachadh fhuair
As shiabadh 'n deur-chràidh a bha blàth air do ghruaidb ;
S do naimhdean bha 'n cumhachd's an urram ro-mhor,
Thur-chrion agus sheac iad, a's chreachadh d'an gloir.
Cia nise fàth t' eagal; gach aon gheilt cuir air chùl;
Leig do thaic air a' ghairdean tha a' taradh dhuit dlùth;
An aghaidh an Ard-Righ co a dh'azdaich a chri-
Nach do lotadh gu bas e, an arach na stri?
Ged iadh umad naimhdean tha aingealta, treun,
Ged's alluidh an sealladh, ged's eangarra 'm beum ;
Na caill-sa do mhisneach, oir is sgeul e tha fior,
Buaidb.làrach cha choisinn iad ortsa gu sior.
Ged bheucadh na cuantan is gruamaiche colg,
'S do charraig ged bhuail iad gu fuaimeanta, borb;
Air an ais 'n uair a shileas 's a philleas iad sios,
Tha do charraig-sa seasmhach,—'s bidh seasmhach gu sior,
Oigh Shioin, glac misneach, 's na diobair do Thriath;
's e'fhocal do sholus,-a dhilseachd do sgiath ;-
Do bhabhuinn cha tuislich, 's cha tuit iad gu lar,
'S a chaoidh bheir iad dùbhlan do chumhachd gach namb.
Theid neamh agus talamh tur thairis le chéil',
'S luchd-riaghlaidh a's riaghailtean talmhaidh go léir
Ach beannachd no sochair a gheall e dhuit riamh,
Cha diobair, ach coimhlionaidh, 'n Tighearn do Dhia.

« AnteriorContinuar »